Sabhal Mòr Ostaig

Sabhal Mòr Ostaig Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig

National Centre for Gaelic Language and Culture

Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973 agus bhon uair sin, tha i air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar Ionad Nàiseanta airson cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha a' Cholaiste na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean (OGE), is i a' tairgsinn fìor chothroman foghlaim is rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a tha ga neartachadh tro bheatha ann an àrainne

achd làn-Ghàidhlig.

'S e colaiste ùr-ghnàthach a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig, agus tha goireasan ionnsachaidh air leth ann, leabharlann sònraichte fhèin math, stiùidio craolaidh is clàraidh, agus tha àiteachan-fuirich agus ionad cùraim chloinne air an àrainn. Tha mu 90 oileanach clàraichte air cùrsaichean làn-thìde, mu 260 air cùrsaichean air astar, agus bidh suas ri 800 a' clàradh air cùrsaichean goirid gach bliadhna. Tha obair na Colaiste ga neartachadh tro chàirdeas leis a' choimhearsnachd Ghàidhlig, agus tha iomadh pròiseact culturach agus cruthachail stèidhichte aig an t-Sabhal Mhòr: Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Cànan nam measg. Tha na h-ealain is cultar Gàidhlig fìor chudromach do Shabhal Mòr Ostaig, agus tha a' Cholaiste a' ruith prògram còmhnaidh ann an ceòl, litreachas agus na h-ealain lèirsinneachd.

-

Founded in 1973, Sabhal Mòr Ostaig has become internationally recognised as a National Centre for the Gaelic language and culture. The College is an academic partner within the University of the Highlands and Islands (UHI), and provides high-quality education and research opportunities through the medium of Scottish Gaelic. Sabhal Mòr Ostaig is a modern, innovative college and has excellent learning resources on-campus, including an exceptional library collection, broadcast and recording facilities, residential student accommodation and a Gaelic-medium childcare facility. Current student numbers stand at approximately 90 on full-time courses, 260 on distance learning and access courses, and up to 800 on short courses each year. The College's activities are greatly enhanced by co-operative links within the wider Gaelic community, and the College is home to a number of creative and cultural projects such as Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig and the multimedia and design company, Cànan. Sabhal Mòr Ostaig also plays a leading role in the promotion of the Gaelic arts and culture and hosts a programme of residencies for artists in music, literature and the visual arts.

29/05/2026

Thanks to everyone who came along to see Revolution Days at Sabhal Mòr Ostaig this evening.

A really powerful piece of theatre from our friends at Bijli.

Plenty more to come from SEALL. Keep an eye out for some exciting announcements over the weekend!

Abair latha brèagha eile!Dè an t-ainm Gàidhlig a bheireadh tusa air a’ chrann-ghaoithe ùr againn? Fàg do bheachd air a’ ...
28/05/2026

Abair latha brèagha eile!

Dè an t-ainm Gàidhlig a bheireadh tusa air a’ chrann-ghaoithe ùr againn? Fàg do bheachd air a’ phost gu h-ìosal!

**

Another scorcher here in the Isle of Skye ☀

What would you call our new wind turbine? Share your suggestion in the comments below and you could be in with a chance of winning a Sabhal Mòr Ostaig goodie bag!

https://www.facebook.com/photo?fbid=1464795689021982&set=a.563011095867117

Chan eil ach dà latha air fhàgail airson iarrtas a chur a-steach airson Seachdain nan Teaghlach 2026!Bidh an tachartas f...
27/05/2026

Chan eil ach dà latha air fhàgail airson iarrtas a chur a-steach airson Seachdain nan Teaghlach 2026!

Bidh an tachartas fad-seachdain seo a’ toirt cothrom do theaghlaichean le clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an sgilean cànain a leasachadh còmhla ann an àrainneachd bogaidh na Gàidhlig, is a bhith a’ measgachadh le teaghlaichean eile a tha ann an suidheachaidhean coltach riutha.

Bidh cothrom aig pàrantan cùrsaichean cànain a dhèanamh, fhad ‘s a tha an cuid chloinne a’ gabhail pàirt ann an iomadh tachartas is cluiche tro mheadhan na Gàidhlig, le teaghlaichean a’ tighinn cruinn còmhla air an oidhche airson measgachadh de thachartasan sòisealta.

Airson barrachd fios: https://uhi.pulse.ly/owrh4rc14g
_____

There are only two days left to submit your application for the 2026 Family Learning Week (Seachdain nan Teaghlach)!

This week-long event offers families with children in Gaelic-medium education the opportunity to develop their language skills together in an all-Gaelic environment and to mix with families from similar backgrounds.

Parents attend our language courses throughout the week, while their children take part in a wide range of Gaelic-medium activities, bringing families together in the evenings for a mix of family-friendly Gaelic-medium social events.

For more info: https://uhi.pulse.ly/hakmtcwnzc

A bheil thu airson a bhith nad thidsear Gàidhlig?Ma tha ceum agad mar-thà agus thu fileanta ann an Gàidhlig, dh’fhaodadh...
26/05/2026

A bheil thu airson a bhith nad thidsear Gàidhlig?

Ma tha ceum agad mar-thà agus thu fileanta ann an Gàidhlig, dh’fhaodadh am PGDE (Slighe Ghàidhlig) a bhith a’ freagairt ort. 'S e cùrsa fad naoi mìosan a th' ann a bheir air adhart gu dreuchd ùr ann am foghlam Gàidhlig àrd-sgoile no bun-sgoile thu.

Agus tron Sgeama Bursaraidh Teagaisg, tha bursaraidh luach £12,500 ri fhaotainn cuideachd!

BARRACHD FIOS:

🔹 PGDE – Foghlam Bun-sgoile: https://uhi.pulse.ly/boodrjl8lr
🔹 PGDE – Foghlam Àrd-sgoile: https://uhi.pulse.ly/ty3983r15m
🔹 Sgeama Bursaraidh Teagaisg: https://teachingbursaryinscotland.pulse.ly/rtvs0go1bk
_____

Fancy a career as a Gaelic teacher?

If you've already got a degree and you're fluent in Gaelic, our PGDE (Gaelic Pathway) might be just what you're looking for. It's a nine-month course that will lead you to your new career in primary or secondary Gaelic education.

And through the Teaching Bursary Scheme, there's a £12,500 bursary available to you as well!

MORE INFO:

🔹 PGDE – Primary Education: https://uhi.pulse.ly/wp25rl7sl4
🔹 PGDE – Secondary Education: https://uhi.pulse.ly/eh8rmsyo1y
🔹 Teaching Bursary Scheme: https://teachingbursaryinscotland.pulse.ly/rtvs0go1bk

⭐ FARPAIS | COMPETITION ⭐Tha goireasan ùra – crann-gaoithe, pannalan-grèine agus pumpa-teas èadhair – a’ ciallachadh gun...
25/05/2026

⭐ FARPAIS | COMPETITION ⭐

Tha goireasan ùra – crann-gaoithe, pannalan-grèine agus pumpa-teas èadhair – a’ ciallachadh gun tèid lùghdachadh de 60% a thoirt air sgaoilidhean carboin againn aig Sabhal Mòr Ostaig.

Tha na leasachaidhean seo mar phàirt de phròiseact nas m***a gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh, agus thathar an dùil gun tig lùghdachadh de 196 tunnaichean air na thathar a’ sgaoileadh de charbon sa bhliadhna mar thoradh air an iomairt seo.

Tha sinn a-nis a' sireadh ainm Gàidhlig ùr airson a’ chrainn-ghaoithe ùr againn – nach sgrìobhaibh na molaidhean agaibh gu h-ìosal!

Bidh an fharpais a' dùnadh aig 5f, Diluain 01 Ògmhios, agus leigidh sinn fios mun t-ainm a bhuannaich às dèidh làimh.

Leugh barrachd mu na leasachaidhean ùra: https://uhi.pulse.ly/hzlsjqfrqp
_____

Sabhal Mòr Ostaig is cutting carbon emissions on campus by 60% following the installation of a new wind turbine, solar panel system and Air Source Heating system, developments which are part of a wider decarbonisation project that will save us an estimated 196 tonnes of carbon emissions per year.

We're now looking for a (Gaelic!) name for our new wind turbine – submit your suggestions to us in the comments below!

The competition will close at 5pm, Monday 01 June, and we'll announce the winning name shortly afterwards.

Read more about the new developments: https://uhi.pulse.ly/h5av5acebr

Tha sinn air leth toilichte innse gun do thog Sabhal Mòr Ostaig an duais airson Sàr Obair anns a’ Choimhearsnachd a-raoi...
21/05/2026

Tha sinn air leth toilichte innse gun do thog Sabhal Mòr Ostaig an duais airson Sàr Obair anns a’ Choimhearsnachd a-raoir aig Duaisean Foghlaim an Herald 2026 airson na rinn sinn mar phrìomh chom-pàirtiche air a’ phròiseact, Baile na Cille Bige. Bha Dr Donnie Rothach, Stiùiriche Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig, an làthair airson an duais a thogail.

Bha britheamhan a’ coimhead airson fianais air dealas do raointean leithid cosnadh ionadail, sgeamaichean saor-thoileach coimhearsnachd, obair charthannais, iomairtean àrainneachdail agus cleachdadh thoraidhean ionadail.

Tha taigheadas aig prìs reusanta glè chudromach dhan iomairt gus coimhearsnachdan seasmhach a chruthachadh le daoine a tha a’ cur ris an eaconamaidh, agus far a bheil Gàidhlig aig cridhe beatha nan coimhearsnachdan sin, agus tha sinne aig Sabhal Mòr Ostaig moiteil às an obair a tha sinn air a dhèanamh gus taic a chumail ris an iomairt sin.
_____

We're delighted to announce that Sabhal Mòr Ostaig has received the Outstanding Contribution to the Local Community award at last night's Herald Education Awards 2026 in recognition of our role as lead partner in the Kilbeg community development. Dr Donnie Munro, Sabhal Mòr Ostaig's Director of Development, was in attendance to collect the award.

The Herald Education Award judges looked for evidence of commitment to areas such as local employment, community volunteer schemes, charity work, environmental initiatives, and local product sourcing.

Access to affordable housing is a key component to creating sustainable and economically active communities, that place Gaelic at the heart of community life, and we at Sabhal Mòr Ostaig are proud to have led on this important initiative.

21/05/2026

Linne Shlèite, mu choinneamh Shabhal Mòr Ostaig. Campus views 😍

ÒRAID DIHAOINE | LECTURE THIS FRIDAYBha cliù air leth aig Murchadh MacMhathain (c. 1670–1757) à Sgìre Loch Aillse mar ‘a...
20/05/2026

ÒRAID DIHAOINE | LECTURE THIS FRIDAY

Bha cliù air leth aig Murchadh MacMhathain (c. 1670–1757) à Sgìre Loch Aillse mar ‘an t-Aos-dàna MacMhathain’, bàrd-cinnidh Chlann Choinnich. Bha Murchadh beò aig àm gu math bruailleanach ann an eachdraidh nan Gàidheal. Chunnaic e Murt Ghleann Comhann ann an 1692; dh’fhaodadh e bhith gun robh e an làthair aig na blàran mòra a chuir na Seumasaich ann an 1689, 1715, agus aig Gleann Seile ann an 1719. Tha a h-uile coltas ann gum b’ e Murchadh fhèin, ’na sheann aois, a sgrìobh cruinneachadh de dh’òrain eadar-dhealaichte a tha a-nis glèidhte ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu.

Air Oidhche Haoine 22 Cèitean aig 7.30f ann an tàlla-bhaile a’ Phluic, airson a’ chiad uair, bidh an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart, Sabhal Mòr Ostaig, a’ bruidhinn sa Bheurla mu sgeulachd iongantach a’ chruinneachaidh agus mu bheatha agus dìleab àraid a’ bhàird a sgrìobh e. Feuch gun tig sibh ann!
_____

Murdoch Matheson (c. 1670–1757) from Lochalsh, known as the ‘Aos-dàna MacMhathain’, was the clan poet of the MacKenzies. He lived in turbulent times, witnessing the Massacre of Glencoe in 1692, as well as probably taking part in the great Jacobite battles of 1689, 1715, and, at Glenshiel in Kintail, 1719. It is likely that the bard himself wrote down in his old age a collection of songs now preserved in Glasgow University Library.

On the evening of Friday 22 May at 7.30pm in Plockton Village Hall, for the first time, Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart will talk (in English) about the surprising story of the collection, and about the life and unexpected legacy of the bard who wrote it. All welcome to attend!

20/05/2026
20/05/2026

Gur math a thèid leibhse uile a tha a' dèanamh deuchainnean Nàiseanta 5, Àrd-ìre, agus Àrd-ìre Adhartach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) an-diugh 😊
_____

Good luck to all of you doing your National 5, Higher and Advanced Higher Gaelic (Learners) exams today 😊

Address

Sabhal Mòr Ostaig
Teangue
IV448RQ

Alerts

Be the first to know and let us send you an email when Sabhal Mòr Ostaig posts news and promotions. Your email address will not be used for any other purpose, and you can unsubscribe at any time.

Contact The University

Send a message to Sabhal Mòr Ostaig:

Share